|
Angus MacPhee Cunntas air Angus MacPhee: Is ann ann an Glaschu a rugadh Aonghas Mac a'Phi, ged a thogadh e anns an Eilean Sgiathanach, is tha e a niste a' fuireach anns an Eilean Dubh, faisg air Inbhirnis ann an Alba. B'abhaist dha a bhi a' teagasg ealain anns an Ard-Sgoil, ach tha e a niste air a dhreuchd a leigeil bhuaithe. Tha e air a bhi ri piobaireachd fad a bheatha, le sinnsearachd fada do phiobairean 'na theaghlach bho Hearrlois, teann air Dunbheagain anns an Eilean Sgiathanach. Tha e fhathast trang ann an saoghal phiobaireachd, ged as trice an diugh na bhreitheamh aig farpaisean, ged a bhios e a' seinn na pioba fhathast cuideachd. Bi e cuideachd a' sgriobhadh ann an Gaidhlig is ann am Beurla le leabhar no dha air an clo-bhualadh do rosg, bardachd is orain a tha ri fhaicinn air an web-site aige www.uq.net.au/hyperlinked/angusmacphee Bi an leabhar mu dheireadh aige air na sgeilpichean uaireigin trath ann an 2006. Is e seo leabhar do dh'orain Ghaidhlig air a tug e'n tiotal, 'The Crunluath Collection', far an do sgriobh e faclan ri iomadh seorsa port-phiobaireachd is 'nam measg 'Ceol Mor'. Bi CD an luib an leabhar seo le cuid de na h-orain air an seinn le Fiona Nic Coinnich, a' choisinn Bonn-Oir a'Mhod Naiseanta ann an 2005 agus guth Aonghais fhein. Tha e 'n dochas gun cord seo ruibh. Bho'n a's e a'Ghaidhlig a chiad-canain, bi Aonghas a' bruidhinn ruibh ann am measgachadh de gach canain air a phrogram aige. Bi e toilichte cluinntinn bhuaibh air seoladh email an reidio eadar-lion, no air an seoladh aige-fhein aonghasmacaphi@tiscali.co.uk |