|
Brendan Dowd Cunntas air Brendan Dowd: Is mise Brendan Dowd agus tha mi air a bhith an sàs an àrdachadh ceòl Blues air rèidio is air an Eadar-lìon a-nis airson beagan bhliadhnachan. Nuair a dh' fhaighnicheas daoine dhiom carson is toigh leam Na Blues bidh mi ag ràdh riutha gur e an aon seòrsa ciùil a tha da-rìreadh gam fhreagairt. 'S fheudar gu bheil e san fhuil. Tha barrachd an ceòl Blues na an t-òran clasaigeach "My baby's gone left me". Tha òrain moit is trom ghaoil ann, òrain làn eachdraidh is dùrachd le briathran a bheir air chuairt fhaireachail sibh agus a bheir an caoineadh oirbh. Chleachd mise Blues mar ghoireas leighis. San Dàmhair 2001 bha mi ann an droch thubaist le motar-baidhsagal a dh' fhàg mi gun lùths bhon uchd sìos agus an urra gu h-iomlan ri cathair-chuibhlich. Bha dùil agam gu robh mo bheatha ullamh, ach aon latha chuir mi orm an cluais-fhòn agus chaith mi uairean a thìde ag èisteachd ris na pìosan Blues Harp as fhèarr leam is bha mi air m' ath-bhreith. Tro òrain is ceòl luchd-ealain leithid Howlin Wolf, Seumas Harman, Sugar Ray is Junior Wells bha comas agam coimhead air cùisean le sealladh ùr agus tòiseachadh air mo bheatha mhealtainn a-rithist. Nach tig sibh còmhla rium air Blues Connection is faicibh am fairich sibhse làn neart a' chiùil ris an canar Na Blues. |