|
Brian O hEadhra Cunntas air Brian O hEadhra: Buinidh Brian O hEadhra do Bhaile Atha Cliath an Èireann agus tha e a-nis a' fuireach an Inbhir Nis an Gàidhealtachd na h-Alba. Bidh e a' seinn òran Èireannach is Ghàidhlig Albannach dhualchasach is air ùr-sgrìobhadh, a thuilleadh air a bhith sgrìobhadh mòran òran Bheurla. 'S e giotàr is bodhran na prìomh innealan ciùil a chluicheas e. Thòisich Brian air ceòl a sgrìobhadh nuair a bha e na òg-dheugair agus chruthaich e an còmhlan Ceilteach dualchasach is co-aimsireach - Anam nuair a bha e na oileanach aig University College Dublin. Mar stiùiriche còmhlain is cluicheadair giotàr tha Brian air an saoghal a chuartachadh a' cluich aig fèisean, cuirmean agus air TBh is rèidio. A bharrachd air a bhith na chluicheadair ciùil, tha Brian cuideachd na oifigear Gàidhlig sa choimhearsnachd còmhla ri Comunn na Gàidhlig, buidheann na Gàidhlig Albannaich. Tha e air a bhith na stiùiriche air deifir fhèisean ciùil is cultair (Ceòl Nis & Fèis nan Òran) & tachartasan an Leòdhas. Bidh e cuideachd a' stiùireadh agus a' gabhail pàirt an caochladh thachartasan is chlasaichean ealain is ciùil an Alba. Tha Brian an ceartuair na Chathraiche air Fòram Gàidhlig Inbhir Nis. Tha e cuideachd na Stiùiriche Fèisdeis do dh' fhear de na h-ionadan ciùil iomraiteach an Inbhir Nis. |