|
Chris Rasdale Cunntas air Crisdean Rasdale: Bha Crisdean 'na oileanach aig Oil-thigh Ghlaschu ag ionnsachadh obar electronaigeach le ceol agus an deidh dha ceumnachadh thill e air ais dha'n Ghaidhealtachd ann an 2003. Mar fear-ciuil air giotar,seinneadair, sgriobhaiche-orain is fidhlear, tha e air a bhi teann do cheol Albannach a nis fad iomadh reidh. Bho chionn ghoirid tha e air a bhi trang cuide ri Feis Rois agus tha e'n greim ann an clasaichean-obrach ceol tradiseanta ann an sgoiltean air feadh Alba. Ged a tha a bhun-steidh ann an ceol-'folk', tha e deigheil air iomadh seorsa is gneith chiuil, mar a chithear is a chluinnear air a'phrogram aige. Ann an 2005 chuir Crisdean agus caraid dha www.scotloads.co.uk air bhog airson taic a chumail ri ceol Albannach neo-eismeileach. Tha seo a'toirt cothrom do luchd-ciuil an obar aca a chuir mu choinneamh an t-saoghail is a reic. Tha'm program aig Crisdean a'focasadh gu h-araidh air luchd-ciuil neo-eismeileach ag obar le ceol beo ann an Alba. Thoir suil air is eisd ris an fheadhain a's fhearr is cuideachd fuaimean abhaisteach. |